Màrseum
Fàilte gu Màrseum. ’S e a’ bhliadhna 2050 agus tha coimhearsnachd dhaonna a’ soirbheachadh beò air Màrs. Tha agad ri taisbeanadh a dhealbhadh mu dheidhinn beatha air an Talamh airson a’ chiad thaigh-tasgaidh air a’ Phlanaid Dhearg.
Chaidh an goireas seo a leasachadh ann an compàirteachas le Taighean-tasgaidh is Gailearaidhean na h-Alba agus Foghlam Alba.
Target age
9-18 (Interdisciplinary)Duration
40hParts
6Also available in
Gaelic

Part 1
Pàirt a h-Aon - Lorg
Ro-ràdh don dùbhlan Mhàrseum. San eapasod seo, bidh luchd-ionnsachaidh a’ dol air chuairt inntinneach de lorg agus de dh’obair-sgioba. Bidh iad gam bogadh ann an cruinne-cè annasach de thaighean-tasgaidh, a’ dol an-sàs ann an tuairmsean threandaichean ri teachd, a’ cur ri chèile sgioba ioma-nàdarrach agus sgiligeil agus anailis dhomhainn air luchd-tadhail a dhèanamh.
Part 2
Pàirt a Dhà - Rannsaich
Bidh luchd-ionnsachaidh a’ dol an-sàs ann an seanchas, a’ toirt sùil air mar a thèid sgeulachdan on àm a dh’fhalbh agus an latha an-diugh a cho-roinn gu h-èifeachdach san àm ri teachd. Bidh an earrainn seo a’ stiùireadh luchd-ionnsachaidh tro thuigsinn na buaidh aig seanchas ann an taighean-tasgaidh, gan cuideachadh gus sgeulachd a ghlacas aire fhoillseachadh san taisbeanadh aca, agus gus nithean freagarrach a nochdadh ann am Màrseum.
Part 3
Pàirt a Trì - Smaoinich
Bidh luchd-ionnsachaidh a’ co-obrachadh len sgiobaidhean gus bun-bheachdan ùr-nosach a leasachadh airson an taisbeanaidh aca, a’ dèilgeadh ri dùbhlain air an t-slighe. Bidh an earrainn seo gam putadh gus smuaintean tùsach a ghineadh agus gus fuasglaidhean cruthachail a lorg.
Part 4
Pàirt a Ceithir - Dealbhaich
Bidh luchd-ionnsachaidh a’ toirt an smuaintean beò tro bhith gan cruth-atharrachadh nan dealbhaidhean so-bheantainn. Bidh iad gam bogadh ann an lèirseinnachadh an taisbeanaidh aca, a’ cumadh gu faiceallach a fhèin-aithne agus a’ toirt dha ainm a bhios a’ comharrachadh an teama mun Phlanaid Dhearg.
Part 5
Pàirt a Còig - Taisbean
Bidh luchd-ionnsachaidh a’ taisbeanadh nam bun-bheachdain taisbeanaidh aca, a’ preasantadh gu mionaidean nan smuaintean cruthachail aca agus a’ phròiseas smaoineachaidh air cùl nam bun-bheachdan. Bidh seo ga leantainn le measadh agus còmhradh air na bun-bheachdan leasaichte.
Part 6
Pàirt a Sia - Thalla Seachad
As dèidh do luchd-ionnsachadih siubhal dhan àm ri teachd agus taisbeanadh a dhealabhadh gu soirbheachail, bidh an cothrom aca a dhol an-sàs ann an gnìomhan eile, no na beachdan-smuain sònraichte aca a leaschadh. ’S urrainn dhaibh taisbeanadh neo-innteachadh ath-dhealbhadh gus am bi e a’ glacadh luchd-amhairc ùra, cùirm nan duaisean airson Màrseum a chumail, no an cruthachalachd aca thoirt beò tro fhìor-thaisbeanadh cheart.







Frequently Asked Questions
Related resources

Dèan do thuras sa Ghàidhlig! Is tusa aon den luchd-siubhail air bòrd bàta a chaidh air na creagan air eilean fàsach. Gun dòigh cuideachadh fhaighinn, tha an t-àm ann modhan atharrachadh, macmeanmna a chleachdadh agus dòigh-beatha ùr a thogail. Tha thu air roinn den eilean fhaighinn airson cruth-atharrachadh mar an àrainneachd agad fhèin, spàs far nach bi thu a’ maireann beò a-mhàin ach a’ soirbheachadh.
Eilean Solarpunk

Buail air do SgeulMara sa Ghàidhlig! Tha a’ mhuir dhòmhainn na saoghal annasach agus àraid, làn ghreimichean, sgiathan, dhubhagan agus earballan. Làn chreutairean nach do lorgadh fhathast agus beathaichean miotasach nach robh riamh ann. Tha SgeulMara na àrd-urlar sruthaidh ùr airson sgeulachdan a sgaoileadh gus daoine a bhrosnachadh an cuan a ghlèidheadh san àm ri teachd. San dùbhlan seo, molaidh luchd-ionnsachaidh beachd airson film goirid airson SgeulMara agus cruthaichidh iad bòrd-stoiridh beòthail a bhios a’ tarraing luchd-èisteachd.
SgeulMara

Ever dreamed of designing your own trainer? Imagine your learners creating a generation sneaker that captures their identity, culture, and values. With Threads, they dive into research, sketch bold ideas, prototype with purpose, and use AI tools to bring their vision to life. It all builds to a class exhibition, a striking showcase of designs that speak for their generation.
Threads
Invest in the dreamers of tomorrow
Our mission is to equip young people globally with skills that will make them resilient, adaptive problem solvers and creative thinkers prepared to face any future challenges in their lives and thrive.
If you believe in the importance of fostering creativity and encouraging the exploration of bold ideas, we invite you to join our cause by becoming a Believer. Either by contributing to our learning resources or supporting our work with a donation (opens in a new tab), your knowledge and generosity can enable us to continue crafting transformative learning resources and inspire young people to dream bigger.
