Snàithlean
Buail air do Snàithlean sa Ghàidhlig!
An robh thu riamh a’ bruadarachadh air dealbhadh do bhròig-ruithe fhèin?
Smaoinich air an luchd-ionnsachaidh agad a’ cruthachadh ginealach bròig-ruithe ùr a ghlacas am fèin-aithne, cultar agus luachan. Le Snàithlean, bidh iad a’ dol an-sàs ann an rannsachadh, smuaintean dàna, ro-shamhlaidhean agus cleachdadh innealan AI airson lèirsinn a thoirt beò.
Target age
9-18 (Interdisciplinary)Duration
40hParts
3Also available in
Gaelic

Part 1
Pàirt 1 - Ceangail
Bidh an luchd-ionnsachaidhi a’ tòiseachadh le bhith a’ rannsachadh na tha an gìnealach a’ ciallachadh, a’ meòrachadh air luachan, eòlasan agus fèin-aithne sònraichte dhaibh fhèin. Bidh iad a’ rannsachadh cultar nam brògan-ruithe, eachdraidh agus dealbhadh nas so-sheasmhaiche. Air feadh a’ cheuma seo, bidh sinn a’ cluinntinn bho luchd-dealbhaidh agus daoine innleachdail bho shaoghal nam bròg-ruithe, a’ faighinn gliocas agus brosnachadh on obair aca.
Part 2
Pàirt 2 - Dì-thogail
Students take apart and analyse a real sneaker to understand its construction, materials, and design details. This hands-on activity develops critical observation skills and helps them see how design choices connect to function, sustainability, and storytelling.
Part 3
Pàirt 3 - Cleachd mac-meanmna
Bidh luchd-ionnsachadih a’ dealbhadh bròg-ruithe a’ ghinealaich ùir, beachd-smuain a bhios a’ conaltradh teachdaireachd no sgeulachd a tha cudromach don ghinealach aca fhèin. Cleachdaidh iad AI agus uidheaman 3D airson ro-shamhla a dhèanamh agus lèirsinn a chur an cèill airson an dealbhaidh, a’ togail sgilean didseatach an cois cruthachalachd. Tha an dùbhlan a’ tighinn gu ceann le taisbeanadh clas co-obrachail, le oileanaich a’ cur air dòigh cruinneachadh de dhealbhaidhean a ghlacas guth agus lèirsinn an ginealaich.
Chaidh an goireas seo eadar-theangachadh le taic bho Fhoghlam Alba agus Riaghaltas na h-Alba
Frequently Asked Questions
Related resources

Fàilte gu Màrseum. ’S e a’ bhliadhna 2050 agus tha coimhearsnachd dhaonna a’ soirbheachadh beò air Màrs. Tha agad ri taisbeanadh a dhealbhadh mu dheidhinn beatha air an Talamh airson a’ chiad thaigh-tasgaidh air a’ Phlanaid Dhearg. Chaidh an goireas seo a leasachadh ann an compàirteachas le Taighean-tasgaidh is Gailearaidhean na h-Alba agus Foghlam Alba.
Màrseum

Buail air do SgeulMara sa Ghàidhlig! Tha a’ mhuir dhòmhainn na saoghal annasach agus àraid, làn ghreimichean, sgiathan, dhubhagan agus earballan. Làn chreutairean nach do lorgadh fhathast agus beathaichean miotasach nach robh riamh ann. Tha SgeulMara na àrd-urlar sruthaidh ùr airson sgeulachdan a sgaoileadh gus daoine a bhrosnachadh an cuan a ghlèidheadh san àm ri teachd. San dùbhlan seo, molaidh luchd-ionnsachaidh beachd airson film goirid airson SgeulMara agus cruthaichidh iad bòrd-stoiridh beòthail a bhios a’ tarraing luchd-èisteachd.
SgeulMara

Dèan do thuras sa Ghàidhlig! Is tusa aon den luchd-siubhail air bòrd bàta a chaidh air na creagan air eilean fàsach. Gun dòigh cuideachadh fhaighinn, tha an t-àm ann modhan atharrachadh, macmeanmna a chleachdadh agus dòigh-beatha ùr a thogail. Tha thu air roinn den eilean fhaighinn airson cruth-atharrachadh mar an àrainneachd agad fhèin, spàs far nach bi thu a’ maireann beò a-mhàin ach a’ soirbheachadh.
Eilean Solarpunk
Invest in the dreamers of tomorrow
Our mission is to equip young people globally with skills that will make them resilient, adaptive problem solvers and creative thinkers prepared to face any future challenges in their lives and thrive.
If you believe in the importance of fostering creativity and encouraging the exploration of bold ideas, we invite you to join our cause by becoming a Believer. Either by contributing to our learning resources or supporting our work with a donation (opens in a new tab), your knowledge and generosity can enable us to continue crafting transformative learning resources and inspire young people to dream bigger.
